Media Jobs: Board members, MG ALBA

CLOSING DATE: December 22, 2015

English version below…

THA Ofcom airson dà bhall ùr a shuidheachadh air bòrd MG ALBA.

Is e raon-dleastanais MG ALBA dèanamh cinnteach gu bheil prògraman ann an Gàidhlig de dh’àrd-chàileachd air an tairgse do mhuinntir na h-Alba. Ann an com-pàirteachas leis a’ BhBC, tha MG ALBA air BBC ALBA, an t-seirbheis didseatach Gàidhlig, a stèidheachadh.

Tha MG ALBA stèidhichte ann an Steòrnabhagh ach bithear a’ cumail coinneamhan a’ Bhùird ann an àiteachan eadar-dhealaichte air feadh Alba.

Tha am bòrd a’ cur feum air raon farsaing de sgilean agus de dh’eòlas. Tha e riatanach,  ge-tà gu bheil eòlas aig an luchd-tagraidh air a bhith ag adhartachadh an dàrna cuid  foghlam no cultar na Gàidhlig; eòlas de agus/no ùidh gnìomhach ann an craoladh; agus tuigse air uallaichean MG ALBA.

Is iad riatanasan deatamach eile, sgilean làidir bun-rannsachail agus an comas a bhith ag obair gu cruthachail mar sgioba no mar chomataidh.

A thaobh nan suidheachaidhean sin, tha sinn gu sònraichte dèidheil buill a shuidheachadh le eòlas agus fèin-fhiosrachadh mu na h-ùidhean agus na cleachdaidhean sna meadhanan a tha aig luchd-amais a tha nas òige, gu sònraichte luchd-amais eadar 12 agus 25 bliadhna a dh’aois. Tha sinn an dòchas co-dhiù aon de na beàrnan a lìonadh le neach-tagraidh a bhios den aois seo.

Bu chòir do chomas sa Ghàidhlig a bhith aig a’ mhòr-chuid de bhuill a’ bhùird.

Bidh Riaghaltas na h-Alba agus na RA le chèile a’ cur an aonta ris gach neach a thèid a shuidheachadh. Tha làn-chòir aig Buill a’ Bhùird air duais de £5,036, agus cosgaisean siubhail reusanta. Thathar a’ sùileachadh gum mair na suidheachaidhean airson teirm ceithir bliadhna.

Ma tha ùidh agad a bhith air bòrd MG ALBA iarr paca fiosrachaidh bho Ofcom, 39 St Vincent Place, Glaschu G1 2ER – fòn 0141 229 7400; post-dealain debbie.hughes@ofcom.org.uk

Is e ceann-là nan tagraidhean 5f air 22 Dùbhlachd 2015.

* * *

OFCOM is seeking to appoint two new members to the board of MG ALBA.

MG ALBA’s remit is to ensure that high quality television programmes in Gaelic are made available to people in Scotland. In partnership with the BBC, MG ALBA has established BBC ALBA, the Gaelic digital service.

MG ALBA is based in Stornoway but board meetings are held at various locations throughout Scotland.

The board requires a broad range of skills and experience. It is essential, however, that applicants have experience of promoting either Gaelic education or culture; a knowledge of and/or an active interest in broadcasting; and an understanding of MG ALBA’s responsibilities.

Other essential requirements are strong analytical skills and the ability to work constructively in a team or committee environment.

For these appointments we are particularly keen to appoint members with knowledge and experience of the media interests and habits of younger audiences, particularly audiences aged between 12 and 25 years. We are looking to fill at least one of the vacancies with an applicant who meets this criterion.

The majority of members on the board should be proficient in Gaelic.

Appointments are currently subject to approval by both the Scottish and UK Government. board nembers are entitled to an annual fee of £5,036, along with reasonable travel expenses. The appointments are expected to be for a four year term.

If you are interested in joining the board of MG ALBA please ask for an information pack  from Ofcom, 39 St Vincent Place, Glasgow G1 2ER – tel 0141 229 7400; e-mail debbie.hughes@ofcom.org.uk

The deadline for applications is 5 pm on 22 December 2015.

Contact: Debbie Hughes

Email: debbie.hughes@ofcom.org.uk